Ach sheas prionnsa rìoghachd Phersia ann am aghaidh là‑ar‑fhichead: ach feuch, thàinig Mìchael, aon de na h‑àrd phrionnsachan gum chòmhnadh; agus dh’fhan mi an sin le rìghrean Phersia.
Ach nochdaidh mi dhut an nì sin a tha comharraichte ann an sgriobtar na fìrinn: agus chan eil aon a chuireas leamsa anns na nithean seo ach Mìchael ur prionnsa-se.
Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.
Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall-truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth-iomall nèimh gus an leth-iomall eile.
An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:
Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.
Oir chan eil sinn a’ gleac ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdan, ri cumhachdan, ri riaghlairean dorchadas an t‑saoghail seo, ri aingidheachd spioradail ann an ionadan àrda.
Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.
Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais;
Gidheadh, cha do ghabh Mìchael an t‑àrd-aingeal, nuair a chathaich e an aghaidh an diabhail, agus a rinn e deasbaireachd mu chorp Mhaois, dànadas air casaid thoibheumach a thoirt na aghaidh, ach thubhairt e, Gun cronaicheadh an Tighearna thu.
Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.
Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich.