Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 12:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh-chathrach-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Mun robh i ann an saothair chloinne, dh’aiseadadh i; mun tàinig a h‑ioghannan, rug i leanabh-mic.

Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.

Cia fhad a bhios tu a’ tionndadh mun cuairt, O nighean chùl-sleamhnach? Oir chruthaich an Tighearna nì nuadh air an talamh. Nì bean fear a chuartachadh.

Air an adhbhar sin bheir e thairis iad, gus an t‑àm anns an toir ise a tha gu leanabh a bhreith dhachaigh clann; agus gus an iompaichear fuidheall am bràithrean, maille ri mic Israeil.

Agus cha d’aithnich e i gus an do rug i a ciad-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.

Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.

B’aithne dhomh duine ann an Crìosd ceithir-bliadhna-deug roimhe seo (mas ann anns a’ cholainn, chan fhios dhomh; no as a’ cholainn, chan fhios dhomh; aig Dia tha fhios); a leithid sin de dhuine thogadh a‑chum an treas nèimh.

Gun do thogadh suas e gu Pàrras, agus gun cuala e briathran do‑labhairt, nach faod duine a labhairt.

Agus chuala iad guth mòr o nèamh, ag ràdh riu, Thigibh a‑nìos an seo. Agus chaidh iad suas do nèamh air neul; agus chunnaic an naimhdean iad.

Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur-leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic.

Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair-chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead.

Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan