Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 12:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Nuair a nì sibh gnìomh mnà-glùine do na mnathan Eabhraidheach, agus a chì sibh iad air na stòlan; mas mac a bhios ann, an sin marbhaidh sibh e, ach mas nighean a bhios ann, bidh i beò.

Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge.

Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

Agus bha cogadh air nèamh; rinn Mìchael agus a aingil cogadh an aghaidh an dràgoin; agus chog an dràgon agus a aingil fhèin;

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

Agus chunnaic mi a’ teachd a‑mach à beul an dràgoin, agus à beul an fhiadh-bheathaich, agus à beul an fhàidh-bhrèige, trì spioradan neòghlan, cosmhail ri losgainn.

Agus is i a’ bhean a chunnaic thu, am baile mòr sin, a tha a’ rìoghachadh os cionn rìghrean na talmhainn.

Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;

Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;

Agus is e an t‑ainm a ghoirear den reul Burmaid: agus rinneadh an treas cuid de na h‑uisgeachan nam burmaid; agus fhuair mòran dhaoine bàs leis na h‑uisgeachan, do bhrìgh gun do rinneadh searbh iad.

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.

Agus shèid an dara aingeal, agus thilgeadh mar gum bu bheinn mhòr a’ losgadh le teine anns an fhairge: agus dh’fhàs an treas cuid den fhairge na fuil:

Agus fhuair an treas cuid de na creutairean a bha anns an fhairge, aig an robh anam, bàs; agus mhilleadh an treas cuid de na longan.

Agus bha earbaill aca cosmhail ri scorpionan, agus bha gathan nan earbaill: agus b’e an cumhachd daoine a chiùrradh rè còig mìosan.

Oir tha an cumhachdan nam beul, agus nan earbaill: oir bha an earbaill cosmhail ri nathraichean, agus bha cinn aca, agus leo sin nì iad dochann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan