Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 12:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge.

Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon?

An duine aosmhor agus urramach, is esan an ceann; agus am fàidh a tha a’ teagasg brèige, is esan an t‑earball.

Agus mar a chunnaic thu na casan agus na meòir, cuid de chriadh a’ chreadhadair, agus cuid de iarann, bidh an rìoghachd air a roinn; ach bidh innte de neart an iarainn, anns a’ mheud is a chunnaic thu an t‑iarann air a mheasgadh le criadh làthaich.

Agus mar a bha meòir nan cas, cuid de iarann, agus cuid de chriadh, bidh cuid den rìoghachd làidir, agus cuid briste.

Fòs air seadh nan deich adhaircean a bha na cheann, agus na tè eile a thàinig a‑nìos agus ron do thuit trì, eadhon na h‑adhairc sin aig an robh sùilean, agus beul a labhair nithean ro‑mhòr, aig an robh sealladh na bu chruadalaiche na càch.

Agus na deich adhaircean as an rìoghachd seo, is deich rìghrean iad a dh’èireas suas: agus èiridh aon eile nan dèidh; agus bidh e eug-samhail on chiad aon, agus ceannsaichidh e trì rìghrean.

Agus chunnacas iongantas mòr air nèamh, bean air a sgeadachadh leis a’ ghrèin, agus a’ ghealach fo a casan, agus air a ceann crùn de dhà-reul-dheug.

Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur-leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic.

Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Agus bha cogadh air nèamh; rinn Mìchael agus a aingil cogadh an aghaidh an dràgoin; agus chog an dràgon agus a aingil fhèin;

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.

Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim.

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.

Agus chunnaic mi a’ teachd a‑mach à beul an dràgoin, agus à beul an fhiadh-bheathaich, agus à beul an fhàidh-bhrèige, trì spioradan neòghlan, cosmhail ri losgainn.

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich rìghrean iad, nach d’fhuair rìoghachd fhathast, ach a tha a’ faotainn cumhachd mar rìghrean rè aon uaire maille ris an fhiadh-bheathach.

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.

Agus thubhairt an t‑aingeal rium, Carson a ghabh thu iongantas? Innsidh mise dhut rùn-diamhair na mnà, agus an fhiadh-bheathaich a tha ga giùlan, air a bheil na seachd cinn agus na deich adhaircean.

Agus bha a shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran chrùn; agus bha ainm aige sgrìobhte, nach b’aithne do neach sam bith ach e fhèin;

Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan