Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 12:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair-chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Mar a bhios bean thorrach, nuair a bhios àm a h‑aisead am fagas, ann an teanntachd, ag èigheach gu h‑àrd na saothair; mar seo bha sinn ann ad fhianais, O Thighearna.

De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.

Seinn, a bhean aimrid nach do rug clann; seinn gu luath-ghaireach, agus dèan iolach àrd, thusa nach robh ri saothair chloinne; oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich na clann na mnà pòsda, deir an Tighearna.

Guth àrd-ghlaoidh on chathair: guth on teampall; guth an Tighearna, a’ toirt ath-dhìolaidh da naimhdean.

A‑nis carson a tha thu a’ glaodhaich gu h‑àrd? A bheil rìgh air bith annad? An do bhàsaich d’fhear-comhairle? Oir ghlac ioghannan thu, mar mhnaoi ri saothair.

Air an adhbhar sin bheir e thairis iad, gus an t‑àm anns an toir ise a tha gu leanabh a bhreith dhachaigh clann; agus gus an iompaichear fuidheall am bràithrean, maille ri mic Israeil.

Agus chan eil annta seo uile ach toiseach thruaighean.

Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail.

Mo chlann bheag, air a bheil mi a‑rìs ri saothair, gus an dealbhar Crìosd annaibh,

Oir tha e sgrìobhte, Dèan gàirdeachas, a bhean neo-thorrach nach eil a’ breith cloinne; bris a‑mach agus glaodh, thusa nach eil ri saothair: oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich, na na mnà aig a bheil fear.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan