Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 11:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

40 Iomraidhean Croise  

Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr.

An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:

Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.

Tha sealladh an gnùise a’ toirt fianais nan aghaidh; agus tha iad a’ dèanamh am peacaidh follaiseach, mar Shòdom; chan eil iad ga fhalach; is truagh dan anaman, oir thug iad olc orra fhèin.

Mar sin ann am fàidhean Ierusaleim chunnaic mi uamharachd: tha iad a’ dèanamh adhaltranais, agus ag imeachd ann am breugan: tha iad a’ neartachadh mar an ceudna làmhan nan aingidh, air chor is nach eil aon neach a’ tilleadh o a aingidheachd: tha iad, an t‑iomlan dhiubh, dhòmhsa mar Shòdom, agus a luchd-àiteachaidh mar Ghomorrah.

Agus thug iad Uriah a‑mach as an Eiphit, agus thug iad e a‑chum an rìgh Iehoiacim, a mharbh e leis a’ chlaidheamh, agus a thilg a chorp ann an uaighean nan daoine coitcheann.

Agus is i do phiuthar as sine Samaria, i fhèin agus a nigheanan a tha a chòmhnaidh aig do làimh chlì: agus do phiuthar as òige, a tha a chòmhnaidh aig do làimh dheis, Sòdom agus a nigheanan.

Feuch, b’i seo aingidheachd do pheathar Sòdom; uabhar, sàth arain, agus pailteas dìomhanais, bha innte fhèin agus na nigheanan; cha mhò a neartaich i làmh a’ bhochd agus an fheumaich.

Gidheadh mheudaich i a strìopachais, le làithean a h‑òige a ghairm gu cuimhne, anns an do rinn i strìopachas ann an tìr na h‑Eiphit.

Mar seo bheir mise air do neò-ghlaine sgur annad, agus air do strìopachas le tìr na h‑Eiphit: air chor is nach tog thu suas do shùilean riu, agus nach cuimhnich thu an Eiphit nas mò.

Agus rinn iad strìopachas anns an Eiphit, rinn iad strìopachas nan òige; an sin bha an uchd air a bhruthadh, agus an sin bhruthadh cìochan am maighdeannais.

Cha mhò a sguir i de a strìopachas leis an Eiphit: oir na h‑òige laigh iad leatha, agus bhrùth iad cìochan a maighdeannais, agus dhòirt iad oirre an strìopachas.

An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, is iad na cnàmhan seo an t‑iomlan de thaigh Israeil; feuch tha iad ag ràdh, tha ar cnàmhan air tiormachadh, agus ar dòchas air a chall, is ann a tha sinn air ar gearradh as.

Sgrios mi cuid dhibh, mar a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus bha sibh mar aithinne air a spìonadh as an losgadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios staid fearann Shòdoim agus Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na staid a’ bhaile sin.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.

Agus a thuit air falbh, ath-nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich.

Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;

Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.

Agus anns an uair sin fhèin bha crith-thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith-thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.

Agus chì cuid de na slòigh, agus de threubhan, agus de theangaidhean, agus de chinnich, an cuirp mharbha rè thrì làithean gu leth, agus cha leig iad an cuirp mharbha a bhith air an cur ann an uaighean.

Agus shaltradh am fìon-amar an taobh a‑muigh den bhaile, agus thàinig fuil a‑mach as an fhìon-amar, gu srèin nan each, fad mìle agus sia ceud stàid.

Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan:

Agus is i a’ bhean a chunnaic thu, am baile mòr sin, a tha a’ rìoghachadh os cionn rìghrean na talmhainn.

Agus air clàr a h‑aodainn bha ainm sgrìobhte, RUN-DIAMHAIR, BABILON MHOR, MATHAIR NAN STRIOPACH AGUS GRAINEALACHDAN NA TALMHAINN.

A’ seasamh fad as, tre eagal a peanais, ag ràdh. Mo thruaighe, mo thruaighe! A’ chathair mhòr sin Bàbilon, a’ chathair threun sin! Oir ann an aon uair thàinig do bhreitheanas.

Agus ghlaodh iad, nuair a chunnaic iad deatach a losgaidh, ag ràdh, Cò am baile as cosmhail ris a’ bhaile mhòr seo?

Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor.

Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.

Agus fhuaireadh ann fuil fhàidhean, agus naomh, agus nan uile dhaoine a mharbhadh air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan