Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 11:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.

Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:

Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.

Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge.

Agus thaom an treas aingeal a shoitheach anns na h‑aibhnichean agus anns na tobraichean uisge; agus rinneadh iad nam fuil.

Agus shèid an dara aingeal, agus thilgeadh mar gum bu bheinn mhòr a’ losgadh le teine anns an fhairge: agus dh’fhàs an treas cuid den fhairge na fuil:

Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan