Agus ma chiùrras neach air bith iad, thèid teine a‑mach as am beul, agus claoidhidh e an naimhdean: agus ma chiùrras neach air bith iad, is èiginn dha a bhith air a mharbhadh mar seo.
Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.
Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh.
Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul-sa na theine, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad.
Agus bha an sealladh seo a chunnaic mi cosmhail ris an t‑sealladh sin a chunnaic mi nuair a thàinig e a‑chum am baile a sgrios: agus bha a choslas mar an coslas a chunnaic mi aig sruth Chebair: agus thuit mi air m’aghaidh.
Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.
Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.
Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd-èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg.