Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 11:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

43 Iomraidhean Croise  

Agus reub Iàcob a aodach, agus chuir e aodach-saic air a leasraidh, agus rinn e bròn airson a mhic rè mòran làithean.

Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ris an t‑sluagh uile a bha maille ris, Reubaibh ur n‑aodach, agus cuiribh sac-aodach umaibh, agus dèanaibh caoidh ro Abner. Agus lean rìgh Daibhidh fhèin an giùlan.

Agus nuair a chuala Ahab na briathran sin, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air a fheòil, agus thraisg e, agus laigh e ann an sac-aodach, agus ghluais e gu fòil.

Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e a aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le sac-aodach, agus chaidh e do thaigh an Tighearna.

Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh.

Agus air a’ cheathramh-là‑fichead den mhìos seo chruinnicheadh clann Israeil ann an trasgadh, agus ann an sac-aodach, agus ùir orra.

Dh’fhuaigh mi sac-aodach air mo chraiceann, agus shalaich mi m’adharc anns an duslach.

Agus rinn mi mo chulaidh de shac-aodach, agus bha mi am leth-fhacal aca.

Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh.

Tha seanairean nighean Shioin nan suidhe air an làr, tha iad nan tosd; chuir iad duslach air an ceann: chrioslaich iad iad fhèin le sac-èideadh: tha òighean Ierusaleim a’ cromadh sìos an cinn gu làr.

Agus nuair a choileanas tu iad, laigh a‑rìs air do thaobh deas, agus giùlainidh tu euceart taigh Iùdah dà‑fhichead là: dh’òrdaich mise dhut là airson bliadhna.

Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Agus thubhairt e rium, Gu dà mhìle agus trì cheud là: an sin glanar an naomh-ionad.

Crioslaichibh sibh fhèin le aodach-saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd-frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach-saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas-bìdh agus an tabhartas-dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè.

Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’èigh iad trasg, agus chuir iad umpa aodach-saic, on aon bu mhò dhiubh gus an aon a bu lugha.

Ach biodh duine agus ainmhidh air an còmhdachadh le aodach-saic, agus glaodhadh iad gu treun ri Dia: seadh, tilleadh iad gach aon o dhroch shlighe, agus on fhòirneart a tha nan làmhan.

Ach dh’fhan dithis de na daoine anns a’ champ; b’e ainm aoin dhiubh Eldad, agus ainm an fhir eile Medad: agus ghabh an spiorad còmhnaidh orra (agus bha iad dhiubhsan a chaidh a sgrìobhadh, ach cha deachaidh iad a‑mach don phàillean), agus rinn iad fàidheadaireachd anns a’ champ.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Ach mura èisd e riut, thoir leat aon no dithis eile, a‑chum gum bi gach nì air a dhèanamh seasmhach ann am beul dithis no triùir fhianaisean.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas, nan suidhe ann an sac-aodach agus ann an luaithre.

Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo.

Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.

Fhreagair Eòin agus thubhairt e, Chan eil duine comasach air nì sam bith a ghabhail, mura bi e air a thoirt dha o nèamh.

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Agus chunnacas e rè mòran làithean leòsan a chaidh suas maille ris o Ghalile gu Ierusalem, dream a tha nam fianaisean dhàsan don t‑sluagh.

An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean.

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.

Is i seo an treas uair a tha mi a’ teachd dur n‑ionnsaigh: ann am beul dithis no triùir fhianaisean bidh gach facal seasmhach.

Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;

Aig beul dà fhianais, no trì fianaisean, cuirear gu bàs esan a tha toillteanach air bàs: cha chuirear gu bàs e aig beul aon fhianais.

Chan èirich aon fhianais a‑mhàin suas an aghaidh duine airson eucoir sam bith, no airson peacaidh sam bith, ann am peacadh sam bith a pheacaicheas e: aig beul dà fhianais, no aig beul trì fianaisean daingnichear a’ chùis.

Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,

Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.

Agus theich a’ bhean don fhàsach, far a bheil aice ionad air ullachadh le Dia, a‑chum gum biodh i air a beathachadh an sin rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là.

Agus thugadh dha beul a’ labhairt nithean mòra, agus thoibheum; agus thugadh cumhachd dha cogadh a dhèanamh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.

Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan