Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 11:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

A Dhè, thàinig na cinnich a‑steach dod oighreachd; thruaill iad do theampall naomh; dh’fhàg iad Ierusalem na cùirn.

Oir tha iad gan ainmeachadh fhèin air a’ chathair naoimh, agus a’ leigeil an taice ri Dia Israeil; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.

Agus a‑nis thigibh, nochdaidh mise dhuibh ciod a nì mi rim fhìonlios; bheir mi air falbh a challaid, agus ithear suas e; brisidh mi a bhalla, agus bidh e air a shaltairt sìos.

Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo-thimcheall-gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò.

Shìn an nàmhaid a‑mach a làmh air a h‑uile nithean taitneach; gu deimhinn chunnaic i cinnich a’ dol a‑steach da h‑ionad naomh, don d’àithn thusa nach rachadh iad a‑steach dod choitheanal.

Agus nuair a choileanas tu iad, laigh a‑rìs air do thaobh deas, agus giùlainidh tu euceart taigh Iùdah dà‑fhichead là: dh’òrdaich mise dhut là airson bliadhna.

Thomhais e air na ceithir taobhan e: bha balla aige mun cuairt, còig agus ceud slat air fad, agus còig agus ceud air leud a dhèanamh dealachaidh eadar an t‑ionad naomh agus an t‑àite coitcheann.

Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.

An sin b’àill leam fios fhaotainn air seadh a’ cheathramh beathaich, a bha eug-samhail ri càch uile, anabarrach uamhasach, aig an robh a fhiaclan de iarann, agus a iongannan de phrais; a shluig suas, a bhris ann am bloighdean, agus a shaltair am fuidheall le a chasan;

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Agus dh’fhàs i mòr gu ruig feachd nèimh, agus thilg i sìos cuid den fheachd agus de na reultan a‑chum an làir, agus shaltair i orra.

An sin chuala mi aon naomh a’ labhairt, agus thubhairt naomh eile ris an naomh àraidh sin a labhair, Cia fhad a bhios an aisling mu thimcheall na h‑ìobairt làitheil, agus a bheirear thairis euceart gu milleadh, agus a bhios an naomh-ionad agus am feachd air an saltairt fo chois?

Agus thubhairt e rium, Gu dà mhìle agus trì cheud là: an sin glanar an naomh-ionad.

A rèir àireamh nan làithean anns an do rannsaich sibh am fearann, eadhon dà‑fhichead là (gach là airson bliadhna), giùlainidh sibh ur n‑euceartan, eadhon dà‑fhichead bliadhna, agus bidh fhios agaibh air mo bhriseadh-geallaidh-sa.

Agus chaidh iad a‑mach as na h‑uaighean an dèidh a aiseirigh-san, agus chaidh iad a‑steach don bhaile naomh, agus nochdadh iad do mhòran.

An sin thug an diabhal e don bhaile naomh, agus chuir e air binnein an teampaill e,

Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.

Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.

Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

Agus an dèidh trì làithean gu leth, chaidh Spiorad na beatha o Dhia a‑steach annta, agus sheas iad air an casan; agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.

Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.

Agus theich a’ bhean don fhàsach, far a bheil aice ionad air ullachadh le Dia, a‑chum gum biodh i air a beathachadh an sin rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là.

Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia,

Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.

Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann-san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan