Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 11:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala iad guth mòr o nèamh, ag ràdh riu, Thigibh a‑nìos an seo. Agus chaidh iad suas do nèamh air neul; agus chunnaic an naimhdean iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thachair, nuair a bha an Tighearna gu Eliah a thogail suas le iomaghaoith do na nèamhan, gun deachaidh Eliah maille ri Elisa o Ghilgal.

Agus nuair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh agus a’ còmhradh, feuch, carbad teine, agus eich theine, agus dhealaich iad o chèile iad: agus chaidh Eliah suas le iomaghaoith do na nèamhan.

Agus thàinig mic nam fàidh a bha ann an Iericho gu Elisa, agus thubhairt iad ris, Nach eil fhios agadsa gun toir an Tighearna an‑diugh do mhaighistir air falbh od cheann? Agus fhreagair esan, Seadh, tha fhios agam air; bithibh-se nur tosd.

Agus chaidh lethcheud fear de mhic nam fàidh, agus sheas iad fan comhair fad as: agus sheas iadsan nan dithis làimh ri Iòrdan.

Chì an droch dhuine, agus bidh fearg air; casaidh e a fhiaclan, agus seargaidh e as; sgriosar miann nan aingidh.

A Thighearna, cò a dh’fhanas ann ad phàillean? Cò a chòmhnaicheas air do shliabh naomh?

Cò a thèid suas gu sliabh an Tighearna, agus cò a sheasas na ionad naomh-san?

Thoir dhomh comharradh air math, a‑chum gum faic iadsan e aig a bheil fuath dhomh, agus gun gabh iad nàire, a chionn, a Thighearna, gun do chuidich thusa leam agus gun tug thu comhfhurtachd dhomh.

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Is ann a thubhairt thu ann ad chridhe, Thèid mi suas a‑chum nan nèamhan, os cionn reultan Dhè àrdaichidh mi mo rìgh-chathair; agus suidhidh mi air sliabh a’ cho-chruinneachaidh, air taobh na h‑àird a tuath.

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Cò iad seo a tha a’ snàmh mar cheò, agus mar chalamain ag itealaich a dh’ionnsaigh an ionaid-tàimh?

An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.

Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean, air dha a bhith ann am piantan, agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras na uchd.

Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e.

An dèidh sin, sinne a bhios beò agus a dh’fhàgar, togar suas sinn maille riùsan anns na neòil, an còdhail an Tighearna anns an adhar: agus mar sin bidh sinn gu sìorraidh maille ris an Tighearna.

Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh-chathrach-san.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan