Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 10:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh mi a dh’ionnsaigh an aingil, agus thubhairt mi ris, Thoir dhòmhsa an leabhran: agus thubhairt esan rium, Glac, agus ith suas e; agus nì e do bhroinn searbh, ach bidh e nad bheul milis mar mhil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

O àithne a bhilean cha deachaidh mi air m’ais; nas mò na mo dhlighe bìdh mheas mi briathran a bheòil.

Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.

Ach thusa, a mhic an duine, cluinn ciod a tha mise ag ràdh riut; Na bi thusa eas-umhail cosmhail ris an taigh eas-umhail sin: fosgail do bheul, agus ith an nì a bheir mise dhut.

An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhadas, ann an teas mo spioraid, ach bha làmh an Tighearna treun orm.

Nithean airson a bheil fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd,

Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil; agus nuair a dh’ith mi e, rinneadh mo bhrù searbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan