Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abram ri rìgh Shòdoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearna, an Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn,

Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.

Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna.

Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an do roghnaich mise Israel, agus anns an do thog mi suas mo làmh airson sliochd taigh Iàcoib, agus anns an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a thog mi suas mo làmh air an son, ag ràdh, Is mi Iehòbhah ur Dia;

Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.

Gun amharas sam bith cha tig sibh a‑steach don fhearann a mhionnaich mise gun tugainn oirbh còmhnaidh a ghabhail ann, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.

Agus thaom an seachdamh aingeal a shoitheach anns an adhar; agus thàinig guth mòr a‑mach à teampall nèimh, on rìgh-chathair, ag ràdh, Tha e dèante.

Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor.

Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh,

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.

Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan