Taisbeanadh 10:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thog an t‑aingeal, a chunnaic mi na sheasamh air a’ mhuir, agus air an talamh, a làmh gu nèamh, Faic an caibideil |
Nuair a thug mi iad don fhearann, mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn dhaibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc àrd, agus na h‑uile chruinn thiugha, agus dh’ìobair iad an sin an ìobairtean, agus an sin thug iad seachad an tabhartasan fuathach: an sin fòs rinn iad am fàile cùbhraidh, agus dhòirt iad a‑mach an ìobairtean dibhe.
Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an do roghnaich mise Israel, agus anns an do thog mi suas mo làmh airson sliochd taigh Iàcoib, agus anns an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a thog mi suas mo làmh air an son, ag ràdh, Is mi Iehòbhah ur Dia;
Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.