Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Tha guth an Tighearna os cionn nan uisgeachan; rinn Dia na glòire tàirneanaich, an Tighearna os cionn nan uisgeachan mòra.

Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh-ghean.

Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium; mar a raoiceas an leòmhann, eadhon an leòmhann òg, os cionn a chobhartaich, nuair a chruinnichear buidheann bhuachaillean na aghaidh; cha ghabh e geilt ron guth, agus cha chaill e a mhisneach airson an co‑ghàir; is amhlaidh a thig Tighearna nan sluagh a‑nuas gu cogadh airson sliabh Shioin, agus airson a chnuic.

Mar threun-fhear thèid an Tighearna a‑mach; mar fhear-cogaidh dùisgidh e suas eud: glaodhaidh e, seadh togaidh e iolach; nì e gaisge an aghaidh a naimhdean.

Bidh am beucaich mar leòmhann boireann; beucaidh iad mar leòmhainn òga; agus nì iad nuallan, agus glacaidh iad a’ chreach, agus togaidh iad leo i, agus cha bhi neach ann a theasairgeas.

Air an adhbhar sin, labhair thusa nan aghaidh na briathran fàistneachd seo air fad, agus abair riu, Beucaidh an Tighearna o a ionad àrd, agus o ionad còmhnaidh a naomhachd cuiridh e a‑mach a ghuth; beucaidh e gu cumhachdach an aghaidh ionad a thàimh; togaidh e iolach, mar iolaich luchd-bruthaidh nam fìondhearc, an aghaidh uile luchd-àiteachaidh na talmhainn.

Agus chualas fuaim sgiathan nan ceruban gus a’ chùirt a b’fhaide a‑muigh, mar ghuth an Dè uile-chumhachdaich nuair a labhras e.

Siùbhlaidh iad an dèidh an Tighearna: beucaidh e mar leòmhann: nuair a bheucas e, an sin criothnaichidh na mic on àird an iar.

Agus beucaidh an Tighearna a‑mach à Sion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth, agus bidh crith air na nèamhan, agus air an talamh: ach bidh an Tighearna na ionad-dìdein da shluagh; agus na dhaingneach làidir do chloinn Israeil.

Agus thubhairt e, Beucaidh Iehòbhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth; agus nì ionadan-còmhnaidh nam buachaillean bròn, agus seargaidh mullach Charmeil.

Bheuc an leòmhann; cò air nach bi eagal? Labhair an Tighearna Iehòbhah, cò nach dèanadh fàistneachd?

Agus chuala mi guth o nèamh, mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar fhuaim tàirneanaich mhòir; agus chuala mi fuaim chlàrsairean, a’ dèanamh ciùil len clàrsaichean:

Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.

Agus thug aon de na ceithir beò-chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.

Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.

Agus ghlac an t‑aingeal an tùiseir, agus lìon e e le teine na h‑altarach, agus thilg e air an talamh e: agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich, agus crith-thalmhainn ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan