Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 10:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e rium, Is èiginn dhut a‑rìs fàidheadaireachd a dhèanamh am fianais shlògh, agus chinneach, agus theangaidhean, agus rìghrean lìonmhor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mi air an fhearann sin m’uile bhriathran a labhair mi na aghaidh, gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a rinn Ieremiah fhàistneachd an aghaidh nan uile chinneach.

An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, dèan fàistneachd do na cnàmhan seo, agus abair riu, O chnàmhan tioram, èisdibh-se facal an Tighearna.

An sin thubhairt e rium, Dèan fàistneachd don anail, dèan fàistneachd, a mhic an duine, agus abair ris an anail, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Thig o na ceithir gaothan, O anail, agus sèid air na mairbh seo, a‑chum gum bi iad beò.

Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil; agus nuair a dh’ith mi e, rinneadh mo bhrù searbh.

Agus thugadh dhomh cuilc cosmhail ri slait: agus sheas an t‑aingeal, ag ràdh, Eirich, agus tomhais teampall Dhè, agus an altair, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhraidh ann.

Agus chì cuid de na slòigh, agus de threubhan, agus de theangaidhean, agus de chinnich, an cuirp mharbha rè thrì làithean gu leth, agus cha leig iad an cuirp mharbha a bhith air an cur ann an uaighean.

Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh,

Is seachd rìghrean iad mar an ceudna: tha còig dhiubh air tuiteam, agus tha aon ann: cha tàinig am fear eile fhathast; agus nuair a thig e, is èiginn dha fantainn rè ùine bhig.

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich rìghrean iad, nach d’fhuair rìoghachd fhathast, ach a tha a’ faotainn cumhachd mar rìghrean rè aon uaire maille ris an fhiadh-bheathach.

Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad.

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan