Taisbeanadh 1:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san; Faic an caibideil |
Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.