Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 1:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an Tighearna mi, ag ràdh, Sgrìobh an fhàistneachd, agus dèan soilleir i air clàran, air chor is gum faod esan ruith a leughas i.

Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Agus thionndaidh mi a dh’fhaicinn a ghutha a labhair rium. Agus air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir;

Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad.

Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan