Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 1:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:

An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis?

Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte!

Is e ar Dia-ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs.

Agus iuchair taigh Dhaibhidh cuiridh mi air a ghualainn; agus fosglaidh e, agus cha druid aon neach; agus druididh e, agus chan fhosgail aon neach.

Agus thusa, a Chapernàum, a tha air do thogail suas gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annadsa air an dèanamh ann an Sòdom, dh’fhan e gun a sgrios gus an‑diugh.

Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh.

Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?

Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:

Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna.

Air dhuinn fios a bhith againn air do Chrìosd èirigh o na mairbh, nach bàsaich e nas mò; chan eil tighearnas aig a’ bhàs nas mò air.

Oir ged a cheusadh e tre anfhainneachd, gidheadh tha e beò tre chumhachd Dhè: oir tha sinne mar an ceudna anfhann annsan, gidheadh bidh sinn beò maille ris tre chumhachd Dhè dur taobh-se.

Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia.

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch.

Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.

Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:

Agus thug aon de na ceithir beò-chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.

Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;

Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.

Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:

Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Agus thubhairt na ceithir beò-chreutairean, Amen. Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.

Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein.

Is e an Tighearna a mharbhas agus a bheothaicheas: bheir e sìos a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, agus bheir e a‑nìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan