Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 1:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Am dhèidh agus romham chuartaich thu mi, agus chuir thu do làmh orm.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Cò a dh’obraich agus a choilean seo, a’ gairm nan ginealach o thùs? Mise an Tighearna, an ciad neach, agus maille riùsan air dheireadh, is mise e.

Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.

Eisd rium, O Iàcoib, agus Israeil, a ghairm mi, Is mi Esan, is mi an ciad neach; is mi fòs an neach deireannach.

Tharraing thu am fagas anns an là anns an do ghairm mi ort: thubhairt thu, Na biodh eagal ort.

Mar choslas a’ bhogha a tha anns an neul ann an là na froise, b’amhail dreach an dealraidh mun cuairt. B’e seo foillseachadh samhladh glòir an Tighearna; agus nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’aghaidh, agus chuala mi guth aoin a’ labhairt.

An sin thubhairt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil; oir on chiad là anns an do shuidhich thu do chridhe a‑chum tuigsinn, agus a‑chum thu fhèin irioslachadh ann an làthair do Dhè, bha do bhriathran air an cluinntinn, agus tha mise air teachd airson do bhriathran.

Agus nuair a labhair e an leithid seo de bhriathran rium, chuir mi m’aghaidh ris an làr, agus bha mi ann am thosd.

Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.

Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

Agus air eagal roimhe chriothnaich an luchd-coimhead, agus chaidh iad an riochd mairbh.

Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.

A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa.

An sin air do Pheadar tionndadh, chunnaic e an deisciobal a b’ionmhainn le Iosa, a’ leantainn; an tì mar an ceudna a laigh air uchd Iosa aig an t‑suipeir, agus a thubhairt ris, A Thighearna, cò e a bhrathas thu?

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;

Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch, an ciad neach agus an neach deireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan