Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 1:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a chasan cosmhail ri umha fìorghlan, mar gum biodh iad a’ dearg-losgadh ann an àmhainn; agus a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Os cionn toirm uisgeachan lìonmhor, os cionn tonnan neartmhor na mara, is neartmhor anns na h‑àrdan an Tighearna.

Beucaidh na cinnich cosmhail ri toirm mòran uisgeachan; ach bheir Dia dhaibh achmhasan, agus teichidh iad fad air falbh; agus fuadaichear iad mar chanach an t‑slèibh ron ghaoith, agus mar chuairteig ron iomaghaoith.

Agus chuala mi fuaim an sgiathan, mar thoirm mòran uisgeachan, mar ghuth an Uile-chumhachdaich; nuair a ghluais iad, chluinnte fuaim mar thorman sluaigh; tràth sheas iad, leig iad sìos an sgiathan.

Agus bha an casan dìreach; agus bha bonn an cas mar bhonn cas laoigh, agus loinnrich iad mar dhath pràise lìomhte.

Agus thug e an sin mi, agus feuch, duine, agus a dhreach mar dhreach umha, le sreing lìn na làimh, agus le slait-thomhais; agus sheas e anns a’ gheata.

Agus, feuch, thàinig glòir Dia Israeil o shlighe na h‑àird an ear: agus bha a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan, agus dhealraich an talamh le a ghlòir.

Bha a chorp fòs cosmhail ri beril, agus a ghnùis mar dhreach dealanaich, agus a shùilean mar lòchrain theine, agus a ghàirdeanan agus a chasan cosmhail ann an dath ri umha lìomhte, agus fuaim a bhriathran cosmhail ri guth sluaigh mhòir.

Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.

Agus chuala mi guth o nèamh, mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar fhuaim tàirneanaich mhòir; agus chuala mi fuaim chlàrsairean, a’ dèanamh ciùil len clàrsaichean:

Agus chuala mi mar ghuth mòr-shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile-chumhachdach a’ rìoghachadh.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Tiatìra, sgrìobh: Na nithean seo tha Mac Dhè, aig a bheil a shùilean mar lasair theine, agus a chasan mar umha fìorghlan, ag ràdh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan