Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 1:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, neach cosmhail ri Mac an Duine, air an robh aodach a ràinig sìos gu a shàiltean, agus crioslaichte le crios òir ma chìochan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bha crios rìomhach na h‑èphoid a bha air a h‑uachdar, den nì cheudna, a rèir a h‑obrach fhèin; eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus bidh ionracas na chrios ma leasraidh, agus fìrinn na crios ma àirnean.

Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi.

Chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus, feuch, thàinig neach cosmhail ri mac an duine le neòil nèimh, agus thàinig e a‑chum Aosda nan Làithean, agus thug iad e dlùth na làthair.

Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh-chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair-rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach.

Agus chuir e air an còta, agus chrioslaich e e leis a’ chrios, agus dh’aodaich e e leis an fhallaing, agus chuir e an èphod air, agus chrioslaich e e le crios rìomhach na h‑èphoid, agus cheangail e ris i leis.

Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.

Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon-aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.

A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan