Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh.
Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh.
Agus air a’ chiad là den t‑seachdain, air do na deisciobail cruinneachadh an ceann a chèile a bhriseadh arain, shearmonaich Pòl dhaibh, agus a rùn air imeachd uapa air an là màireach, agus lean e air labhairt gu meadhon-oidhche.
Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.
Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh-bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.
Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia,