Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 1:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Agus chuala mi guth duine eadar bruachan Ulai, a ghlaodh, agus a thubhairt, A Ghabrieil; thoir air an fhear seo an sealladh a thuigsinn.

Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt-fheasgair:

Aig toiseach d’athchuinge thàinig an àithne a‑mach, agus thàinig mise a dh’fheuchainn dhut: oir tha thu air do ghràdhachadh gu ro‑mhòr: uime sin, tuig a’ chùis, agus thoir fa‑near an aisling.

Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn-diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean.

Oir cha do labhair mi uam fhèin; ach an t‑Athair a chuir uaithe mi, thug e àithne dhomh, ciod a theirinn, agus ciod a labhrainn.

A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.

Oir thug mi dhaibh na briathran a thug thusa dhomh; agus ghabh iad iad, agus thuig iad gu fìrinneach gur ann uatsa a thàinig mi, agus chreid iad gun do chuir thu uat mi.

Agus an nì a chunnaic agus a chuala e, air a sin tha e a’ toirt fianais; agus chan eil aon duine a’ gabhail ra fhianais.

Tha mòran agam ri ràdh agus ri bhreithneachadh mur timcheall-se: ach tha an tì a chuir uaithe mi fìrinneach; agus tha mise a’ labhairt ris an t‑saoghal nan nithean a chuala mi uaithesan.

A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain,

Oir cha b’ann o dhuine a fhuair mi e, cha mhò a theagaisgeadh dhomh e, ach tre fhoillseachadh Iosa Crìosd.

Gun do rinn e aithnichte dhomh tre fhoillseachadh an rùin-diamhair (mar a sgrìobh mi roimhe gu h‑aithghearr,

Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;

Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo:

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan:

Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.

Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè.

Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.

Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh-phòsda, bean an Uain.

Agus dh’fheuch e dhomh abhainn fhìorghlan de uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a’ teachd a‑mach à rìgh-chathair Dhè, agus an Uain.

Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.

Agus thubhairt e rium, Tha na briathran seo dìleas agus fìrinneach. Agus chuir an Tighearna, Dia nam fàidhean naomha, a aingeal fhèin a nochdadh da sheirbhisich nan nithean sin as èiginn tachairt gu h‑aithghearr.

Agus chunnaic mise Eòin na nithean seo, agus chuala mi iad: agus nuair a chuala agus a chunnaic mi iad, thuit mi sìos a’ dèanamh adhraidh ro chasan an aingil a nochd na nithean seo dhomh.

An sin thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: oir is co‑sheirbhiseach dhut mise, agus dod bhràithrean na fàidhean, agus dhaibhsan a choimheadas briathran an leabhair seo: dèan adhradh do Dhia.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.

Agus thàinig e, agus ghlac e an leabhar à deaslàimh an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan