Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Sephaniah 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh ann an là ìobairt an Tighearna gun smachdaich mise na prionnsachan, agus clann nan rìghrean, agus na h‑uile a tha air an èideadh le culaidh choimhich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris-san a bha os cionn seòmar nan culaidh, Thoir a‑mach culaidhean do uile luchd-adhraidh Bhàail. Agus thug e a‑mach dhaibh culaidhean.

Ach tàrlaidh, nuair a choileanas an Tighearna a obair gu h‑iomlan air sliabh Shioin agus air Ierusalem, gun dèan mi dìoghaltas air toradh cridhe uaibhreach rìgh Asiria, agus air sealladh àrd a shùl.

Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach.

Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh.

Agus ded mhic a thig uat, a ghineas tu, bheir iad leo; agus bidh iad nan caillteanaich ann an lùchairt rìgh Bhàbiloin.

Agus nì iad sgeig air rìghrean, agus bidh prionnsachan nan cùis-mhagaidh dhaibh: nì iad fanaid air gach daingneach làidir; agus cruachaidh iad suas talamh, agus glacaidh iad e.

Cha chaith bean an nì sin as le fear, cha mhò a chuireas fear uime aodach mnà: oir is gràinealachd don Tighearna do Dhia iadsan uile a nì seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan