Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Sephaniah 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sìnidh mi fòs a‑mach mo làmh air Iùdah, agus air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus gearraidh mi as fuidheall Bhàail on àite seo; ainm an luchd-ìobraidh maille ris na sagartan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus sìnidh mi a‑mach os cionn Ierusaleim sreang-thomhais Shamaria, agus sreang-riaghailt taigh Ahaib: agus glanaidh mi as Ierusalem mar a ghlanas neach soitheach, ga ghlanadh, agus a’ tionndadh a bheòil foidhe.

Agus na h‑altairean a bha air mullach seòmar uachdarach Ahais, a rinn rìghrean Iùdah, agus na h‑altairean a rinn Manaseh ann an dà chùirt taigh an Tighearna, thilg an rìgh sìos, agus bhris e o sin iad, agus thilg e an luaithre ann an sruth Chidroin.

Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh.

Shìn thu a‑mach do dheaslàmh; shluig an talamh suas iad.

Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais.

Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd-àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna.

Feuch, uime sin, sìnidh mise a‑mach mo làmh ort, agus bheir mi seachad thu mar chreich do na cinnich, agus gearraidh mi as thu o na slòigh, agus caithidh mi thu a‑mach as na dùthchannan; sgriosaidh mi thu, agus aithnichidh tu gur mi an Tighearna.

Mar sin sìnidh mise a‑mach mo làmh orra, agus nì mi am fearann fàs, seadh, nas uaigniche na fàsach Dhiblait, nan uile ionadan-còmhnaidh; agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.

Airson laogh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris.

Do dhealbhan snaidhte mar an ceudna gearraidh mi as, agus do dhealbhan seasmhach a‑mach as do mheadhon; agus cha toir thu nas mò adhradh do obair do làmh.

Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach.

Agus sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh na h‑àird a tuath, agus sgriosaidh e Asiria; agus nì e Ninebheh na làraich luim, tioram mar am fàsach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan