An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo.
Agus thubhairt mi ris an aingeal a bha a’ labhairt rium, Ciod iad seo? Agus fhreagair esan mi, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah, Israel, agus Ierusalem.
Agus fhreagair an t‑aingeal a bha a’ labhairt rium, agus thubhairt e rium, Nach eil fhios agad ciod iad seo? Agus thubhairt mise, Chan eil, mo thighearna.
An sin chuir Iosa am poball air falbh, agus chaidh e a‑steach don taigh: agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Mìnich dhuinne cosamhlachd cogal an fhearainn.