Mum fuasglar an còrd airgid, agus am bruthar an cupan òir, agus am brisear a’ chuinneag aig an tobar, agus am brisear an roth aig an t‑soitheach-chumail.
Agus ma tha cuid de na geugan air am briseadh dheth, agus gu bheil thusa, a bha ad chrann-ola fiadhaich, air do shuidheachadh nam measg, agus maille riu a’ faotainn compàirt de fhreumh agus de reamhrachd a’ chroinn-ola;
Oir ma ghearradh thusa as a’ chrann-ola a bha fiadhaich a‑thaobh nàdair, agus gun do shuidhicheadh ann an deagh chrann-ola thu an aghaidh nàdair, cia mòr as mò na sin a shuidhichear na geugan nàdarra nan crann-ola fhèin?
Ach thubhairt an crann-ola riu, Am fàgainn-sa mo reamhrachd, leis a bheil iad leamsa a’ toirt urraim do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?