Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Sechariah 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An aghaidh nam buachaillean las mo chorraich-sa, agus na gobhair smachdaichidh mi. Ach dh’amhairc Tighearna nan sluagh air a threud, taigh Iùdah; agus nì e iad mar each maiseach anns a’ chath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich.

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.

Ri eich ann an carbadan Phàraoh samhlaicheam thu, a bhean mo ghaoil.

Ach tàrlaidh, nuair a choileanas an Tighearna a obair gu h‑iomlan air sliabh Shioin agus air Ierusalem, gun dèan mi dìoghaltas air toradh cridhe uaibhreach rìgh Asiria, agus air sealladh àrd a shùl.

Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh.

Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh.

Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, smachdaichidh mise iad; bàsaichidh na h‑òganaich leis a’ chlaidheamh; bàsaichidh am mic agus an nigheanan le gorta.

Agus tàrlaidh, nuair a choileanar deich agus trì-fichead bliadhna, gun smachdaich mise rìgh Bhàbiloin, agus an cinneach sin, deir an Tighearna, airson an aingidheachd, agus fearann nan Caldèanach, agus nì mi e na fhàsach gu bràth.

Togaibh gaoir bhròin, a bhuachaillean, agus èighibh, agus aornaganaibh sibh fhèin ann an luaithre, sibhse as urramaiche den treud, a chionn gu bheil làithean ur marbhaidh agus ur sgapaidh air an coileanadh; agus tuitidh sibh mar shoitheach luachmhor.

Bu chaoraich chaillte mo shluagh-sa: thug an aodhairean orra dol air seachran, tharraing iad a thaobh iad air na slèibhtean; shiubhail iad o shliabh gu cnoc, leig iad an àite-fois air dìochuimhn.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, lorgaidh mise, mise fhèin, mo chaoraich, agus iarraidh mi a‑mach iad.

Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.

A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh?

Agus a’ mhuinntir a nì gu h‑olc an aghaidh a’ choicheangail truaillidh e le miodal: ach an sluagh aig a bheil eòlas air an Dia, bidh iadsan làidir, agus nì iad gu treun.

Agus tàrlaidh ann an là ìobairt an Tighearna gun smachdaich mise na prionnsachan, agus clann nan rìghrean, agus na h‑uile a tha air an èideadh le culaidh choimhich.

Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean.

Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.

Agus dh’èirich i suas maille ra ban-chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan