Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Salm 70:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun tillear iadsan air an ais mar thuarasdal dan nàire, a their rium, Ahà, Ahà!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Dh’fhosgail iad am beul gu farsaing am aghaidh; thubhairt iad, Ahà, ahà! chunnaic ar sùil.

Na abradh iad nan cridhe, Ahà, is e siud ar miann: idir na abradh iad, Shluig sinn suas e.

Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà!

Biodh nàire, biodh claoidh air eascairdean m’anama; còmhdaichear le masladh agus le mì‑chliù iadsan a tha ag iarraidh m’uilc.

Labhraidh mar an ceudna mo theanga air d’fhìreantachd air feadh an là, oir chuireadh amhluadh, oir chuireadh nàire orrasan a tha ag iarraidh m’aimhleis.

Agus abair ris na h‑Amonaich, Cluinnibh facal an Tighearna Dia, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, a chionn gun dubhairt thu, Aha! an aghaidh m’ionaid naoimh, nuair a thruailleadh e, agus an aghaidh fearann Israeil, nuair a bha e fàs, agus an aghaidh taigh Iùdah, nuair a dh’fhalbh iad ann am braighdeanas;

A mhic an duine, a chionn gun dubhairt Tìrus an aghaidh Ierusaleim, Aha! tha ise a bha na dorsan don t‑sluagh briste: thill i thugamsa; leasaichear mise a‑nis, o chuireadh ise fàs:

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun dubhairt an nàmhaid nur n‑aghaidh, Aha! is leinne fòs na seann ionadan àrda mar sheilbh:

A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan