An sin thig bean a bhràthar da ionnsaigh an làthair nan seanairean, agus fuasglaidh i a bhròg bhàrr a choise, agus tilgidh i smugaid na aodann, agus freagraidh agus their i, Mar seo nìthear ris an duine nach tog suas taigh a bhràthar.
A‑nis b’e seo o shean an gnàth ann an Israel a‑thaobh fuasglaidh, agus a‑thaobh iomlaid, a dhaingneachadh gach nì: chuireadh duine dheth a bhròg, agus bheireadh e da choimhearsnach i: agus bha seo mar fhianais ann an Israel.
Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi.