Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus smaoinich mi air fios a thoirt dhut, ag ràdh, Ceannaich e am fianais an luchd-àiteachaidh, agus am fianais seanairean mo shluaigh: ma dh’fhuasgaileas tu e, fuasgail e: ach mura fuasgail thu e, innis dhomh, a‑chum gum bi fhios agam: oir chan eil neach air bith ann gu fhuasgladh ach thusa, agus mise ad dhèidh-sa. Agus thubhairt esan, Fuasglaidh mise e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh.

Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san.

Gidheadh thubhairt thu riumsa, O Thighearna Dhia, Ceannaich dhut fhèin an t‑achadh airson airgid, agus gabh fianaisean: nuair tha a’ chathair air a toirt thairis do làimh nan Caldèanach.

Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.

Air dhuinn a bhith a’ solar nithean ciatach, chan ann a‑mhàin am fianais an Tighearna, ach mar an ceudna am fianais dhaoine.

An sin gairmidh seanairean a’ bhaile air, agus labhraidh iad ris: agus ma sheasas e a‑mach, agus gun abair e, Chan àill leam a gabhail;

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.

Agus thubhairt Naòmi ra ban-chliamhainn, Beannaichte gu robh esan on Tighearna nach do leig dheth a choibhneas do na beòthan agus do na mairbh. Agus thubhairt Naòmi rithe, Tha an duine dlùth an dàimh dhuinn; is aon e de ar dìlsean as fhaisge.

Agus a‑nis tha e fìor gur fear-dàimh dhut mise; gidheadh tha fear-dàimh as fhaisge dhut na mi.

Agus thubhairt e, Cò thusa? Agus fhreagair i, Is mise Rut, do bhanoglach: sgaoil uime sin iomall d’aodaich air do bhanoglaich, oir is fear-dàimh thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan