Feuch, thig Hanameel mac Shaluim, bràthair d’athar, dod ionnsaigh, ag ràdh, Ceannaich dhut fhèin m’achadh-sa a tha ann an Anatot, oir is leat còir a fhuasglaidh, gus a ceannach.
Ma dh’fhàs do bhràthair bochd, agus gun do reic e cuid de a sheilbh, agus ma thig aon air bith de a dhìlsean ga fhuasgladh, an sin fuasglaidh e an nì a reic a bhràthair.
Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.