Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh e deichnear dhaoine de sheanairean a’ bhaile, agus thubhairt e, Suidhibh sìos an seo. Agus shuidh iad sìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile.

Mura taitinn i ra maighistir, a rinn ceangal-pòsaidh rithe, an sin bheir e fa‑near gum fuasglar i: ri cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach rithe.

Aithnichear anns na geatachan a fear, nuair a shuidheas e maille ri seanairean na tìre.

Thrèig na seanairean an geata, na h‑òganaich an ceòl.

Agus dhùisg iad suas an sluagh, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean, agus thàinig iad air, agus ghlac iad e, agus thug iad an làthair na comhairle e.

Agus mura toigh leis an duine bean a bhràthar a ghabhail, an sin thèid bean a bhràthar suas don gheata a‑chum nan seanairean, agus their i, Tha mo bhràthair-cèile a’ diùltadh ainm a thogail suas da bhràthair ann an Israel, chan àill leis dlighe bràthar-chèile a dhèanamh rium.

Tha sibh uile nur seasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ur Dia; ceannardan ur treubhan, ur seanairean, agus ur luchd-riaghlaidh, fir Israeil uile,

Cruinnichibh am ionnsaigh seanairean ur treubhan uile, agus ur luchd-riaghlaidh, a‑chum is gun labhair mi nan cluasan na briathran seo, agus gun gairm mi na nèamhan agus an talamh mar fhianaisean nan aghaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan