Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 4:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh do thaigh mar thaigh Phareis (a rug Tàmar do Iùdah), den t‑sliochd a bheir an Tighearna dhut on mhnaoi òig seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a tharraing e a làmh air ais, feuch, thàinig a bhràthair a‑mach; agus thubhairt ise, Cionnas a bhris thu a‑mach? Biodh am briseadh seo ortsa. Uime sin thugadh Phareds mar ainm air.

Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.

Agus rug Tàmar a bhana-chliamhain dha Phares, agus Serah. B’iad uile mhic Iùdah còignear.

Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige.

Agus ghin Iùdas Phares agus Sara o Thamar, agus ghin Phares Esrom, agus ghin Esrom Aram,

A‑nis is iad seo ginealaichean Phareis: Ghin Phares Hesron.

Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan