Rut 4:1Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin chaidh Bòas suas a dh’ionnsaigh a’ gheata, agus shuidh e sìos an sin: agus, feuch, bha am fear-dàimh mun do labhair Bòas a’ dol seachad, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid seo de fhear! Thig a lethtaobh, suidh sìos an seo. Agus thàinig e a lethtaobh, agus shuidh e sìos. Faic an caibideil |
Agus dh’èirich Absalom gu moch, agus sheas e làimh ri slighe a’ gheata; agus nuair a thigeadh neach air bith aig an robh cùis-lagha a dh’ionnsaigh an rìgh a‑chum breitheanais, an sin ghairmeadh Absalom air, agus theireadh e, Ciod am baile as a bheil thu? Agus theireadh esan, O aon de threubhan Israeil tha do sheirbhiseach.