Rut 3:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a dh’ith agus a dh’òl Bòas, agus a bha a chridhe subhach, chaidh e a laighe sìos aig ceann an dùn arbhair: agus thàinig i gu sàmhach, agus rùisg i a chasan, agus laigh i sìos. Faic an caibideil |
Ach nuair a bha iad a’ dèanamh an cridhe subhach, feuch, chuartaich daoine a’ bhaile, daoine a bu mhic do Bhelial, an taigh mun cuairt, agus bhuail iad aig an doras, agus labhair iad ri maighistir an taighe, an seann duine, ag ràdh, Thoir a‑mach an duine a thàinig a dh’ionnsaigh do thaighe, a‑chum gun aithnich sinn e.
Agus nuair a dh’èirich an duine suas gu imeachd, e fhèin, agus a choileabach, agus a òganach, thubhairt a athair-cèile, athair na h‑ighinn ris, Feuch, a‑nis tha an là a’ tarraing gu feasgar; fanaibh, guidheam ort, rè na h‑oidhche: feuch, tha an là a’ dlùthachadh ra chrìch; fan an seo rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach; agus a‑màireach èiridh sibh gu moch a‑chum ur turais, agus thèid thu dhachaigh.