Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh i sìos don ùrlar-bhualaidh, agus rinn i a rèir gach nì a dh’àithn a màthair-chèile dhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Cha d’innis Ester a sluagh no a luchd-dàimh: oir dh’àithn Mordecai dhi gun innse.

Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.

A mhic, èisd thusa ri teagasg d’athar, agus na trèig lagh do mhàthar:

Is sibhse mo chàirdean-sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.

Thubhairt a mhàthair ris an luchd-frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e.

Agus thubhairt i rithe, Gach nì a tha thu ag ràdh rium nì mise.

Agus nuair a dh’ith agus a dh’òl Bòas, agus a bha a chridhe subhach, chaidh e a laighe sìos aig ceann an dùn arbhair: agus thàinig i gu sàmhach, agus rùisg i a chasan, agus laigh i sìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan