Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fan a‑nochd, agus anns a’ mhadainn ma nì e riut dlighe fir-dàimh, tha sin gu math, dèanadh e dlighe fir-dàimh; ach mura bi e toileach dlighe fir-dàimh a dhèanamh riut, an sin nì mise dlighe fir-dàimh riut, mar as beò an Tighearna: laigh sìos gu madainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh-sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh-sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh.

Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill.

Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus.

Oir gu deimhinn bheir daoine mionnan air an neach as mò: agus dhaibhsan is crìoch air gach uile chonnsachadh mionnan a‑chum daingneachaidh.

Agus thubhairt e, B’iad sin mo bhràithrean-sa, mic mo mhàthar: mar as beò an Tighearna, nan do ghlèidh sibh beò iadsan, cha mharbhainn-sa sibhse.

Agus thubhairt Naòmi ra ban-chliamhainn, Beannaichte gu robh esan on Tighearna nach do leig dheth a choibhneas do na beòthan agus do na mairbh. Agus thubhairt Naòmi rithe, Tha an duine dlùth an dàimh dhuinn; is aon e de ar dìlsean as fhaisge.

Agus a‑nis tha e fìor gur fear-dàimh dhut mise; gidheadh tha fear-dàimh as fhaisge dhut na mi.

An sin thubhairt Bòas, Anns an là anns an ceannaich thu an t‑achadh o làimh Naòmi, feumaidh tu cuideachd a cheannach o Rut, a’ bhan-Mhòabach, bean a’ mhairbh, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd-san.

Agus thubhairt am fear-dàimh, Chan fhaod mi fhuasgladh dhomh fhèin, air eagal gum mill mi m’oighreachd fhèin: fuasgail thusa mo chòir dhut fhèin, oir chan fhaod mise a fuasgladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan