Ach cuimhnich thusa ormsa nuair a dh’èireas gu math dhut, agus dèan, guidheam ort, coibhneas dhomh, agus dèan iomradh orm ri Phàraoh, agus thoir a‑mach mi as an taigh seo:
Ach ma shaoileas duine sam bith gu bheil e ga ghiùlan fhèin gu mì‑chiatach a‑thaobh a mhaighdinn, ma chaidh blàth a h‑aimsir thairis, agus gur còir a dhèanamh mar sin, dèanadh e nas àill leis, chan eil e a’ peacachadh: pòsadh iad.
Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, agus a‑chum gum buanaich thu do làithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut gu bràth.
Is àill leam uime sin na mnathan òga a phòsadh, iad a bhreith cloinne, a stiùradh an taighe, agus gun chion-fàth air bith a thoirt don eascaraid labhairt gu toibheumach.
Ach mura dèan duine solar airson a chuideachd fhèin, agus gu h‑àraidh airson muinntir a theaghlaich, dh’àich e an creideamh, agus is miosa e na ana-creidmheach.
Dh’fhan i uime sin làimh ri gruagaichean Bhòais a dhìoghlam, gus an do chrìochnaicheadh foghar an eòrna, agus foghar a’ chruithneachd; agus ghabh i còmhnaidh maille ra màthair-chèile.