An sin thubhairt Bòas ri Rut, Nach cluinn thu, mo nighean? Na gabh a dhìoghlam ann an achadh eile, agus na falbh à seo, ach fan an seo làimh rim ghruagaichean-sa.
Agus thàinig a sheirbhisich am fagas, agus labhair iad ris, agus thubhairt iad, O athair, nam biodh am fàidh air iarraidh ort nì mòr a dhèanamh, nach dèanadh tu e? Nach ro‑mhò na sin, matà, nuair a tha e ag ràdh riut, Nigh agus bi glan?
Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.
Agus thubhairt ise, Guidheam ort, leig dhomh dìoghlam, agus tional am measg nan sguab an dèidh nam buanaichean: agus thàinig i, agus dh’fhuirich i eadhon on mhadainn gus a‑nis, ach gun d’fhan i tamall beag a‑staigh.
Biodh do shùilean air an achadh a bhuaineas iad, agus falbh thusa nan dèidh. Nach d’àithn mise do na h‑òganaich gun bheantainn riut? Agus nuair a bhios ìotadh ort, falbh a dh’ionnsaigh nan soithichean, agus òl den uisge a tharraing na h‑òganaich.
Agus ghairm an Tighearna a‑rìs air Samuel. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm, Agus fhreagair esan, Cha do ghairm mise ort, a mhic; till, laigh sìos.