Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib:
Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?
Agus fhuair Iòseph deagh-ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha; agus rinn e e na fhear-riaghlaidh air a thaigh, agus gach nì a bha aige chuir e fo a làimh.
Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.
Agus thubhairt Rut, Na iarr orm d’fhàgail, no tilleadh o bhith gad leantainn: oir ge bè taobh a thèid thusa, thèid mise; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh: is e do shluagh-sa mo shluagh-sa, agus do Dhia-sa mo Dhia-sa.
Agus dh’imich iad le chèile gus an tàinig iad gu Betlehem. Agus nuair a bha iad air teachd gu Betlehem, ghluaiseadh am baile uile man timcheall, agus thubhairt iad, An i seo Naòmi?
Mar sin thill Naòmi, agus Rut, a’ bhan-Mhòabach, bean a mic, maille rithe, a thill à fearann Mhòaib: agus thàinig iad gu Betlehem ann an toiseach na buain-eòrna.
Agus thubhairt ise, Guidheam ort, leig dhomh dìoghlam, agus tional am measg nan sguab an dèidh nam buanaichean: agus thàinig i, agus dh’fhuirich i eadhon on mhadainn gus a‑nis, ach gun d’fhan i tamall beag a‑staigh.