Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, thàinig Bòas o Bhetlehem, agus thubhairt e ris na buanaichean, Gu robh an Tighearna maille ribh: agus fhreagair iadsan, Gum beannaicheadh an Tighearna thusa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.

Agus gum beannaicheadh Dia Uile-chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho-chruinneachadh chinneach:

Salma athair Bhetlehem, Hareph athair Bhet-gadeir.

Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna; thug sinne beannachd oirbhse o thaigh an Tighearna.

Beannaicheadh an Tighearna thu a Sion, a rinn nèamh agus talamh.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Gnàthaichidh iad fhathast a’ chainnt seo ann am fearann Iùdah, agus na bhailtean, nuair a bheir mise air a h‑ais am bruid, Gum beannaicheadh an Tighearna thu, O àite-còmhnaidh a’ cheartais, O shlèibh na naomhachd.

Gum beannaicheadh an Tighearna thu, agus gun gleidheadh e thu:

Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh-ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.

A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile.

Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd-compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earailich.

Gu robh an Tighearna Iosa Crìosd maille rid spiorad. Gràs maille ribh. Amen.

Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.

Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Tha an Tighearna maille riut, a dhuine thrèin ann an neart.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Gu cinnteach bidh mise maille riut, agus buailidh tu na Midianaich mar aon duine.

Agus dh’fhalbh i, agus thàinig i, agus dhìoghlaim i anns an achadh an dèidh nam buanaichean; agus thachair dhi dol air earrainn den achadh a bu le Bòas, a bha de theaghlach Elimeleich.

An sin thubhairt Bòas ra òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, Cò leis an òg‑bhean seo?

Agus thubhairt an sluagh uile a bha anns a’ gheata, agus na seanairean, Is fianaisean sinn: gun dèanadh an Tighearna a’ bhean a tha a’ teachd a dh’ionnsaigh do thaighe mar Rachel agus mar Lèah, a thog suas le chèile taigh Israeil: agus dèan thusa gu cubhaidh ann an Ephratah, agus bi cliùiteach ann am Betlehem:

Mar an ceudna thubhairt Daibhidh, An Tighearna a shaor mise à màg an leòmhainn, agus à màg a’ mhath-ghamhainn, saoraidh esan mi à làimh an Philistich seo. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Falbh, agus gu robh an Tighearna maille riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan