Agus dh’fhalbh i, agus thàinig i, agus dhìoghlaim i anns an achadh an dèidh nam buanaichean; agus thachair dhi dol air earrainn den achadh a bu le Bòas, a bha de theaghlach Elimeleich.
Agus thubhairt an t‑òganach a dh’innis dha, Thachair dhòmhsa a bhith air sliabh Ghilbòa, agus, feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice ra shleagh, agus, feuch, lean na carbadan agus am marc-shluagh gu dian na dhèidh.
Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.
Agus nuair a bha e ag innse don rìgh mar a dh’ath-bheothaich e neach a bha marbh, feuch, ghlaodh a’ bhean, don d’ath-bheothaich e a mac, ris an rìgh airson a taighe, agus airson a fearainn. Agus thubhairt Gehasi, Mo thighearna, a rìgh, seo a’ bhean, agus seo a mac, a dh’ath-bheothaich Elisa.
A‑nis tha sinn a’ toirt àithne dan leithidean sin, agus ag earail orra tre ar Tighearna Iosa Crìosd, le saothrachadh gu ciùin, gun ith iad an aran fhèin.
Agus thubhairt Rut, a’ bhan-Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh-ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean.
Agus, feuch, thàinig Bòas o Bhetlehem, agus thubhairt e ris na buanaichean, Gu robh an Tighearna maille ribh: agus fhreagair iadsan, Gum beannaicheadh an Tighearna thusa.