Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 2:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’fhan i uime sin làimh ri gruagaichean Bhòais a dhìoghlam, gus an do chrìochnaicheadh foghar an eòrna, agus foghar a’ chruithneachd; agus ghabh i còmhnaidh maille ra màthair-chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bhuaileadh an lìon agus an t‑eòrna; oir bha an t‑eòrna fo dhèis, agus an lìon fo fhrois.

Eisdidh mac glic ri teagasg a athar; ach chan èisd fear na fochaid ri achmhasan.

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

Agus air do Pheadar a bhith shìos anns an talla, thàinig aon de bhanoglaich an àrd-shagairt:

Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.

Seachd seachdainean àirmhidh tu dhut fhèin: on àm anns an tòisich thu air a’ chorran a chur anns an arbhar, tòisichidh tu air na seachd seachdainean àireamh.

Mar sin thill Naòmi, agus Rut, a’ bhan-Mhòabach, bean a mic, maille rithe, a thill à fearann Mhòaib: agus thàinig iad gu Betlehem ann an toiseach na buain-eòrna.

Agus thubhairt Naòmi ri Rut a ban-chliamhainn, Is fheàrr dhut, mo nighean, dol a‑mach maille ra ghruagaichean, a‑chum nach coinnich iad thu ann an achadh sam bith eile.

An sin thubhairt Naòmi a màthair-chèile rithe, Mo nighean, nach iarr mise suaimhneas dhutsa, a‑chum gun èirich gu math dhut?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan