Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 2:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Naòmi ra ban-chliamhainn, Beannaichte gu robh esan on Tighearna nach do leig dheth a choibhneas do na beòthan agus do na mairbh. Agus thubhairt Naòmi rithe, Tha an duine dlùth an dàimh dhuinn; is aon e de ar dìlsean as fhaisge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Daibhidh teachdairean a dh’ionnsaigh daoine Iabeis-ghilead, agus thubhairt e riu, Beannaichte gu robh sibh on Tighearna, a‑thaobh gun do nochd sibh an coibhneas seo dur tighearna, do Shaul, agus gun d’adhlaic sibh e.

Agus thubhairt Daibhidh, A bheil fhathast neach air bith a dh’fhàgadh de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas airson Ionatain?

Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:

Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.

Ma dh’fhàs do bhràthair bochd, agus gun do reic e cuid de a sheilbh, agus ma thig aon air bith de a dhìlsean ga fhuasgladh, an sin fuasglaidh e an nì a reic a bhràthair.

Ach rinn mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna do bhrìgh gun d’ath-ùraicheadh a‑nis fa dheireadh ur cùram umamsa; nì mar an ceudna anns an robh sibh cùramach, ach cha robh cothrom agaibh.

Agus thubhairt Rut, a’ bhan-Mhòabach, Mar an ceudna thubhairt e riumsa, Làimh rim òganaich-sa fanaidh tu, gus an crìochnaich iad m’fhoghar uile.

Agus a‑nis tha e fìor gur fear-dàimh dhut mise; gidheadh tha fear-dàimh as fhaisge dhut na mi.

Agus thubhairt na mnathan ri Naòmi, Beannaichte gu robh an Tighearna nach d’fhàg thusa an‑diugh gun fhear-dàimh, a‑chum gum bi a ainm cliùiteach ann an Israel.

Agus smaoinich mi air fios a thoirt dhut, ag ràdh, Ceannaich e am fianais an luchd-àiteachaidh, agus am fianais seanairean mo shluaigh: ma dh’fhuasgaileas tu e, fuasgail e: ach mura fuasgail thu e, innis dhomh, a‑chum gum bi fhios agam: oir chan eil neach air bith ann gu fhuasgladh ach thusa, agus mise ad dhèidh-sa. Agus thubhairt esan, Fuasglaidh mise e.

Agus thubhairt am fear-dàimh, Chan fhaod mi fhuasgladh dhomh fhèin, air eagal gum mill mi m’oighreachd fhèin: fuasgail thusa mo chòir dhut fhèin, oir chan fhaod mise a fuasgladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan