Agus thog i suas e, agus chaidh i don bhaile, agus chunnaic a màthair-chèile na dhìoghlaim i; agus chuir i an làthair, agus thug i dhi na dh’fhàg i, an dèidh dhi a bhith sàsaichte.
Ach ma tha bantrach air bith aig a bheil clann, no oghachan, fòghlamadh iad air tùs a bhith dleasdanach nan taighean fhèin, agus ath-dhìol a thoirt dam pàrantan: oir tha seo math agus taitneach ann am fianais Dhè.
Agus thubhairt Bòas rithe, Aig àm bìdh thig thusa an seo, agus ith den aran, agus tum do ghreim anns an fhìon-gheur. Agus shuidh i ri taobh nam buanaichean: agus shìn e dhi sìol cruadhaichte, agus dh’ith i, agus shàsaicheadh i, agus dh’fhàg i fuidheall.