Agus cuideachd leigibh de ur deòin le cuid de na dlaghan tuiteam air a son, agus fàgaibh iad a‑chum gun dìoghlaim i iad, agus na tugaibh achmhasan dhi.
Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.
Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.
Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.