Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha gheàrr thu gu buileach oisnean d’achaidh nuair a bhuaineas tu, cha mhò a thionaileas tu dìoghlaim d’fhogharaidh: fàgaidh tu iad don bhochd agus don choigreach; Is mise an Tighearna ur Dia.
Agus thubhairt Bòas rithe, Aig àm bìdh thig thusa an seo, agus ith den aran, agus tum do ghreim anns an fhìon-gheur. Agus shuidh i ri taobh nam buanaichean: agus shìn e dhi sìol cruadhaichte, agus dh’ith i, agus shàsaicheadh i, agus dh’fhàg i fuidheall.
Agus cuideachd leigibh de ur deòin le cuid de na dlaghan tuiteam air a son, agus fàgaibh iad a‑chum gun dìoghlaim i iad, agus na tugaibh achmhasan dhi.