Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 2:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun dìoladh an Tighearna do shaothair, agus gu robh do dhuais iomlan on Tighearna Dia Israeil, fo sgiathan an tàinig thu a chur do dhòchais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Glèidh mi mar chloich na sùla, fo sgàil do sgiathan falaich mi,

Os bàrr, tha do sheirbhiseach a’ faotainn rabhaidh uapa; nan coimhead tha mòr-dhuais.

Cia luachmhor do choibhneas gràdhach, a Dhè! Uime sin, earbaidh clann nan daoine à sgàil do sgiathan.

Dèan tròcair orm, a Dhè, dèan tròcair orm, oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fo sgàil do sgiathan gabhaidh mi mo thèarmann gus an tèid na h‑uilc seo uile thairis.

An sin their duine, Gu deimhinn tha duais ann don fhìrean; gu cinnteach tha Dia ann a tha a’ toirt breith air an talamh.

Gabhaidh mi còmhnaidh ann ad phàillean gu bràth; cuiridh mi mo dhòigh ann an sgàil do sgiathan. Selah.

A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas.

Le a iteagan còmhdaichidh e thu, agus fo a sgiathan bidh d’earbsa; bidh a fhìrinn na sgèith agus na targaid dhut.

Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.

Oir gu deimhinn tha crìoch ann; ach cha ghearrar as do dhòchas.

Mar seo deir an Tighearna, Cùm do ghuth o chaoidh, agus do shùilean o dheòir; oir gheibh do shaothair duais, deir an Tighearna, agus thig iad a‑rìs o thìr an nàmhaid.

A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse!

Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.

Thugaibh an aire nach toir sibh ur dèirc am fianais dhaoine, a‑chum gum faicear leo sibh; no chan fhaigh sibh duais o ur n‑Athair a tha air nèamh.

Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.

Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin;

Gun deònaicheadh an Tighearna dhàsan gum faigh e tròcair on Tighearna anns an là sin: agus tha sàr-fhios agad, cia lìon nithean anns an do rinn e frithealadh dhomh ann an Ephesus.

O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.

A’ meas gum bu mhò an saoibhreas masladh Chrìosd na ionmhasan na h‑Eiphit: oir bha sùil aige ris an luach-saothrach.

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.

Agus thubhairt Rut, Na iarr orm d’fhàgail, no tilleadh o bhith gad leantainn: oir ge bè taobh a thèid thusa, thèid mise; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh: is e do shluagh-sa mo shluagh-sa, agus do Dhia-sa mo Dhia-sa.

Agus fhreagair Bòas, agus thubhairt e rithe, Dh’innseadh gu h‑iomlan dhòmhsa gach nì a rinn thu dod mhàthair-chèile an dèidh bàs d’fhir, agus mar a dh’fhàg thu d’athair agus do mhàthair, agus an tìr anns an do rugadh tu, agus a tha thu air teachd a dh’ionnsaigh sluaigh nach b’aithne dhut roimhe seo.

Agus thubhairt ise, Faigheam deagh-ghean ad shùilean, mo Thighearna, do bhrìgh gun tug thu sòlas dhomh, agus gun do labhair thu gu coibhneil rid bhanoglaich, ged nach eil mi cosmhail ri aon ded ghruagaichean-sa.

Agus bidh e dhut na fhear ath-nuadhachadh do bheatha, agus na fhear-altraim do sheann aois, oir is i do bhan-chliamhainn, aig a bheil gràdh dhut, as fheàrr dhut na seachd mic, a rug e.

Oir nuair a gheibh duine a nàmhaid, an leig e as gu math e? Uime sin gun dìoladh an Tighearna math dhutsa airson na rinn thu dhòmhsa an‑diugh.

Agus a‑nis, feuch, tha fhios agam gum bi thu gu cinnteach ad rìgh, agus gun daingnichear rìoghachd Israeil ad làimh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan